Celtic Lyrics Corner Forum

Hello and welcome to the new Celtic Lyrics Corner Forum!
Please use this forum to post your lyric requests.

Thig crioch air an t-saoghal ach mairidh ceol agus gaol.
The world will come to an end, but music and love will endure.

Forum: Celtic Lyrics Corner Forum
Start a New Topic 
  
Author
Comment
Òrain Ghàidhlig album lyrics

Could somebody help me by translating the Scottish Gaelic lyrics from Mary Jane Lamond's album Òrain Ghàidhlig for me? I think it's pretty sad that all her other albums exept Òrain Ghàidhlig are translated on Celtic Lyrics Corner.

I would especially like the translation of the following songs from the CD...

Bha mi 'n dé Beinn Dòrain
'S 'na còir cha robh mi aineolach
Chunna' mi na gleanntan
'S na beanntaichean a b'aithne dhomh
B'e sin an sealladh éibhinn
Bhith 'g imeachd air na sléibhtean
Nuair bhiodh a'ghrian ag éirigh
'S a bhiodh na féidh a' langanaich
'S aobhach a' ghreigh uallach
Nuair ghluaiseadh iad gu faramach
'S na h-éildean air an fhuaran
Bu chuannar na laoigh bhallach ann
Na maoislichean 's na ruadhbhuic
Na coilich dhubha's ruadha
'S e 'n cèol bu bhinne chualas
Nuair chluinnt' am fuaim 's a' chamhanaich
'S togarrach a dh'fhalbhainn
Gu sealgaireachd nam bealaichean
Dol mach a dhìreadh garbhlaich
'S gum b'anmoch tighinn gu baile mi
An t-uisge glan 's am fàile
Th'air mullach nam beann àrda
Chuidich e gu fàs mi
'S e rinn domh slàint' is fallaineachd
Bha mi 'n dé 'san aonach
'S bha smaointean mór air m' aire-sa
Nach robh 'n luchd-gaoil a b'àbhaist
Bhith siubhal fàsaich mar rium ann
'S a' bheinn as beag a shaoil mi
Gun deanadh ise caochladh
On tha i nis fo chaoraibh
'S ann thug an saoghal car asam
'Nuair sheall mi air gach taobh dhìom
Chan fhaodainn gun bhith smalanach
On theirig coill is fraoch ann
'S na daoine bh'ann nach mhaireann iad
Chan eil fiadh r'a shealg ann
Chan eil eun no earb ann
Am beagan nach eil marbh dhiubh
'S e rinn iad falbh gu baileach as
Mo shoraidh leis na frìthean
O 's mìorbhailteach na beannan iad
Le biolair uaine 's fìoruisg
Deoch uasal rìomhach cheanalta
Na blàran a tha prìseil
'S na fàsaichean tha lìonmhor
O 's àit a leig mi dhìom iad
Gu bràth mo mhìle beannachd leotha

Ged tha mi gun chrodh gun aighean
Gun chrodh-laoigh, gun chaoraich agam
Ged tha mi gun chrodh gun aighean
Gheibh mi fhathast òigear grinn
Fhir ud a dhìreas am bealach
Giùlain bhuamsa mìle beannachd
Faod' tu innse dha mo leannan
Gu bheil mi laighidh leam dhìn
'S a fhìr ud a shiubhlas na cuantan
Thoir mo shoraidh null gu Shuaineart
Dh'ionnsaidh òigeir a' chùil dualaich
Ged nach d' fhuair mi e dhomh fhìn
Gura h-e mo ghaol an t-òigear
Dh'fhàg siod mise tursach, brònach
Fear a chur mi 'nam laighidh m' ònar
A bhí giùlan còt' a' Rìgh
Gura mise tha gu deurach
An seòmbar mullaich, 'fuaigheal léintean
Chaidh mo leannan do Dhun Eidean
'S chan eil feum dhomh bhí 'ga chaoidh
Gura mise tha fo mhulad
'Nam shuidh 's an t-seombar mhullaich
An leannan bh'agam an uiridh
'S ann an diugh rium cùl a'chinn

Nighean donn a' bhroillich glé-ghil
As do dhéidh tha mise brònach
'S a nighean donn a' bhroillich shoillier
Dheannain coinneamh riut Di-Dòmhnaich
Dheannain coinneamh riut 's an t-fhoghar
Am an t-sabhail a bhi 'ga bhòrdadh
Dhennain coinneamh riut 's an anmoch
Ged a bhiodh càch a seanachas oirnn
Anns a' mhadainn shéid an dùdach
Bha'gar dùsgadh an taigh Seònaid
Mise seo a' dol a Ghriannaig
'S mi gam riasladh aig na ròpan
Thusa bruidhinn ris a' gruagaich
Mis' air bhàrr a' chuain a' seoladh
Thusa bruidhinn ris an nighean
A thug gaol a cridhe dhomhsa
Ach ma dh'fhanas tu gu Bealltainn
Chan fhaigh Caimbeulach tha beò thu
Chan fhaigh Caimbeulach fon ghréin thu
Chan fhaigh Mac 'Illean nas mòth', thu
'S anna ní mi fhín do phòsadh

Email  
Get your own FREE Forum today! 
Report Content ·  · Web Calendars   Email Forms   Free Guestbooks   Free Web Tools 
powered by Powered by Bravenet bravenet.com